Monday, 7 March 2011

The Big C


'S e prògram ùr Amaireaganach a th' anns "The Big C". 'S ann mu thè, air a bheil aillse, a dh'fhàsas car craicte a tha e agus tha sibh a' faicinn na tha i a' dèanamh gus ciall air a beatha fhaighinn.

Tha 13 prògramman uile gu lèir anns an t-sreath seo, a' chiad a-mach à dhà, agus tha iad uile cho èibhinn, ach aig an aon àm gu math bronach air sgàth 's an suidheachadh anns a bheil a' phrìomh charactar, Catchy.

Aig toiseach toiseachaidh a' phrògram tha Catchy a' dèanamh an àird a h-inntinn a beatha a chur seachad dhan a' mhax as dèidh dhi naidheachd fhaighinn gu bheil aillse oirre. Tha an duine aic', Paul, air an taigh fhàgail air sgàth na rudan craicte, agus mì-àbhaisteach, a tha Cathy a' dèanamh. A bharrachd air sin, tha mac aig Cathy cuideachd, Adam - 's esan a tha na dheugair. Tha càirdeas gu ìre mhath dona eadarra, ach tha e a' fàs nas fheàrr tron a' phrògram. Tha an nabaidh, Marlene, a' cluich pàirt mhòr anns a' phrògram cuideachd, ged nach do bhruidhinn iad rithe a-riamh roimhe.

Tron a' phrògram tha sinn a' faicinn Cathy a' fàs mar dhaoine is a beatha a thionndadh bun-os-cionn. Aig deireadh a' chiad sreath tha rud no dha a' tachairt a bhios a' cur beatha nan caractaran ann am staing.

'S e fìor comadaidh dubh a th' anns a' phrògram seo agus nam bheachd-sa, 's e seo fear de na prògramman as fheàrr a th' air an TBh an-dràsta. Faodaidh sibh "The Big C" fhaicinn air More 4, gach Diardaoin, no faodaidh sibh a' phrògram fhaicinn air Megavideo, air an Lìon.

0 brathan:

Post a Comment